An t-aparan goirid ’s an t-aparan ùr,
An t-aparan goirid nach ruig ach a’ ghlùin,
’S nuair bha mi òg ’s mi furast’ rim lùb’,
’S e dh’fhàg mi fo leòn ach an t-aparan ùr.
Bha cliù ort, a Sheasaidh, ’s tu ’n ainnir bha suairc,
A chumadh rid ghealladh ’s a leanadh rid luaidh;
’S ann unnad bha ’n spiorad, ’s tu ’chinneadh nam buadh
Nach gabhadh an giorag ’s nach tilleadh ron chuan.
An t-aparan goirid ’s an t-aparan ùr,
An t-aparan goirid nach ruig ach a’ ghlùin,
’S nuair bha mi òg ’s mi furast’ rim lùb’,
’S e dh’fhàg mi fo leòn ach an t-aparan ùr.
’S ann ort a bha biùthas san dùthaich a bh’ ann:
Cha ghabhadh tu Cooper, cha b’ bhuidh’ leat a chainnt;
’S ann bha thu nad bhiùtaidh, ’s tu ’m flùr gun mheang,
’S nam faighinn mo dhùrachd, bhiodh diùc leat air làimh.
An t-aparan goirid ’s an t-aparan ùr,
An t-aparan goirid nach ruig ach a’ ghlùin,
’S nuair bha mi òg ’s mi furast’ rim lùb’,
’S e dh’fhàg mi fo leòn ach an t-aparan ùr.
’S nuair fhuair an Eliza Miss Jessie air bòrd,
’S ann oirre bha ’n sgoinn ’s iad a’ hoidhsteadh nan seòl;
Bha muir air gach taobh dhith a’ sgaoileadh mu bòrd
’S bha h‑aigne cho aotrom ri faoileag air lòn.
Bha seorsa duine aca mach air a’ watch
A’ geàrd a’ bhaile ’s na thigeadh mun cuairt,
Ach cheangaileadh a chasan ’s a làmhan gu cruaidh,
’S mun tàinig a’ mhadainn, chaidh a ragadh le fuachd.
An t-aparan goirid ’s an t-aparan ùr,
An t-aparan goirid nach ruig ach a’ ghlùin,
’S nuair bha mi òg ’s mi furast’ rim lùb’,
’S e dh’fhàg mi fo leòn ach an t-aparan ùr.
Dh’fhàg thu do mhàthair is d’ athair fo leòn
Nach d’ rinn iad dhut banais le aighear ’s le ceòl,
Ach tillidh tu fhathast do dh’Uibhist an eòrn’,
’S bidh siùcar an glainne ’s todaidh ga òl!
An t-aparan goirid ’s an t-aparan ùr,
An t-aparan goirid nach ruig ach a’ ghlùin,
’S nuair bha mi òg ’s mi furast’ rim lùb’,
’S e dh’fhàg mi fo leòn ach an t-aparan ùr.