Dàn Ùr do Fhlòraidh NicNìll (A New Song for Flora MacNeil) - Mary Anne Kennedy/Aburn Burgess/Victoria Caine/Catriona MacNeill MacPhee
Written by:Mary Anne Kennedy/Catriona Montgomery
Nuair a bhiodh an dìl ann
Bu tric do shùil air an uinneig
Do chridhe a' plosgartaich daonnan
A' faicinn siabadh na mara
A' chlach-mheallain gu dian ann
B' e siud do chiad chuimhne
Ach nuair a bhuaineadh tu sòbhrach
Readh a pògadh 's a' snòtach as t-earrach
Nach snaidhte ri chèile
Bròn is sòlas nar beatha
Nuair a bhiodh an dìl ann
Bu tric do shùil air an uinneig
Do chridhe a' plosgartaich daonnan
A' faicinn siabadh na mara
A' chlach-mheallain gu dian ann
B' e siud do chiad chuimhne air barraigh
Ach mura b' e an gailleann a fhlòraidh
Am faiceadh sinn sòbhrach rir maireann
Ach gu cinnteach 's ann
Gu faiceallach a bu chòir dhuinn
Bhith buain nam flùr meata nar beatha
Ach nuair a bhuaineadh tu sòbhrach
Readh a pògadh 's a' snòtach as t-earrach
Ach mura b' e an gailleann a fhlòraidh
Am faiceadh sinn sòbhrach rir maireann
Ach gu cinnteach 's ann
Gu faiceallach a bu chòir dhuinn
Bhith buain nam flùr meata nar beatha
Nach snaidhte ri chèile
Bròn is sòlas nar beatha