Gràdh Geal Mo Chridhe (My True Love) - Mary Anne Kennedy/Aburn Burgess/Victoria Caine/Catriona MacNeill MacPhee
Written by:Mary Anne Kennedy/Angus Campbell Peter
Tha freasdal is fortan nam chrò
Nach àraidh mo shealbh an-dràst'
Is tusa nad laighe rim thaobh
Mar bheatha ri taobh a' bhàis
Grian a' soillseachadh na h-oidhch
Cluaran a' deàrrsadh mar ròs
An nimh air a tharraing bhon ubhal
An clàbar air tionndadh gu òr
Nach truagh an stait sam biodh mi
Nan siùbhladh tu bhuam a ghràidh
Bhristeadh mo shlàint' is mo chrìdh
Le deireadh mo sholas s mo là
Bhiodh madainn mar dhubhadh na h-oidhch'
Bhiodh gàire mar magadh a' bhàis
Bhiodh m' eathair air sgeirean na gaoir
Crìoch cheacharr' air saoghal nan dàn
'S tusa thug dhòmhsa ciall
'S tusa thug dhòmhsa àit'
'S tusa thug dhòmhsa rian
Is acair is caladh dham bhàt
O tha thu mar chanach an t-slèibh
Mar ghini nam bàrd nam phòc
Tha thu mar eun air ghleus
Gun mheang gun choire gun ghò
Cha b' urrainn dhomh innse an-dràsta
Ciamar a bhithinn gun thu
Mar long air chall ann an stoirm
Mar eathar dol fodha gu grunnd
Mar leanabh gun mhàthair gun iùl
Mar thràill gun dòchas gun dùil
A m' eudail is tusa mo stìuir
Mo sheòl mo chaladh mo shaogh'l
'S tusa thug dhòmhsa ciall
'S tusa thug dhòmhsa àit'
'S tusa thug dhòmhsa rian
Is acair is caladh dham bhàt
O tha thu mar chanach an t-slèibh
Mar ghini nam bàrd nam phòc
Tha thu mar eun air ghleus
Gun mheang gun choire gun ghò
Ach fhad's a mhaireas mi beò
O seinnidh mi àrd do chliù
Snaighidh mi sìos ann an ran
Bunait do ghràidh s do ghaoil
Lean thus' an sgiobair air bòrd
Chrom thu aig carraig na glòir
Ghabh thu ri crìosda mar dhia
S mar thiodhlac thàinig an còrr